Duncan Mackenzie - Dileab a' Ghlinne
’S e stàcair agus eòlaiche eachdraidh-ionadail a th’ ann an Donnchadh MacCoinnich – fear a tha dìoghrasach mu bhith a’ toirt am bàrr eachdraidh a shinnsearan ann an Gleann Inbhir Làthail. A' leantainn air fiolm shoirbheachail ann an 2022, bidh sinn air sàilean Dhonnchaidh agus an rannsachadh aige a’ gabhail ceum mòr. Air an ùr-lorg, tha clàran sgrìobhte a’ dol air ais gu 1370 a’ toirt sealladh prìseil de bheatha dhùthchail Alba, is tha meud na coimhearsnachd seo – fichead mìle ceàrnagach– a’ daingneachadh a cudromachd. ’S e an t-eòlas gun choimeas a tha aig Donnchadh mu na cnuic is na glinn a tha air ar stiùireadh gu mòr-adhartas is chun na luirg smuaineachail gun fhaoidte gu bheil sluagh air a bhith a’ còmhnaidh an seo bho Linn Ùr na Cloiche, còrr is 5000 bliadhna air ais. Tha na gheibh Donnchadh falaichte air cliathaich beinne aig àird 1600 troigh a’ nochdadh gu bheil e air rudeigin a lorg mu ar sinnsearan tràtha a dh’fhaodadh a bhith cudromach aig ìre eadar-nàiseanta. Local historian and deerstalker Duncan Mackenzie has a passion for unearthing the history of his ancestors in Inverlael Glen. Following on from a successful film in 2022, we follow Duncan as his...
Details for all showings
- News & Factual